Tha na sgoilearan Gàidhlig air a bhith trang air na pròiseactan film G aca a-rithist am-bliadhna a’ dèanamh dà fhilm a tha a’ nochdadh am mac-meanmna, an cruthachalachd agus cleachdadh làidir a’ chànain. B’ e cuspair na bliadhna-sa ‘Buidhe’ no ‘Yellow’ a bhrosnaich luchd-dèanamh fhilmichean am facal seo a mhìneachadh ann an dòigh sam bith a bha iad ag iarraidh.
Bha na sgoilearan AS1 agus S2 MG an sàs ann am film goirid leis an ainm ‘Cuirt nan Dathan’ a tha a’ cuimseachadh air co-dhùnadh Dhè cuidhteas fhaighinn de aon de dhathan an speactram - tha dà mhionaid aig gach dath airson dearbhadh gu bheil iad ann no thèid an toirt air falbh gu bràth. ! Ceangal gu h-ìosal.
’S e riochdachadh neo-eisimeileach a th’ anns an dàrna film ‘Gàidhlig sa Chiste’ le oileanach S4 Parker Dawes a tha air soirbheachadh gu mòr san fharpais o chionn beagan bhliadhnaichean. A-rithist chan eil Parker ag adhbhrachadh briseadh dùil leis an fhiolm ghoirid bheòthail aige air àite na Gàidhlig ann an saoghal a tha a' sìor fhàs aona-chànanach.
https://www.filmg.co.uk/filmichean/gaidhlig-sa-chiste/?_gl=1*96wnc7*_up*MQ..*_ga*MTExODgyNTAzNS4xNjczMzU4ODMy*_ga_9RM33GC3SJ*MTY3MzM1ODgzMS4xLjEuMwLgANu.
Feuch an cuimhnich thu bhòtadh nuair a bhios an roghainn bhòt poblach ri fhaighinn!